Manifesto 21 Gaelic

GAIRM-FHOLLAISEACH 21
Ubuntu / Daonnachd / Humanity
gu ruige manifesto in-ghabhalach airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean

  1. Cuireamaid luach air Ghàidhealtachd is gabhamaid gu teann rithe – a cultar, dualchas is traidisein. Tha meas againn air an dreach-tìre ‘s an àrainneachd seo. Bidh sinn a’ toirt feart air na sgeulachdan agus ag ionnsachadh bhuapa.
  2. Creididh sinn gu bheil an ceart aig a h-uile neach air èisteachd. Tha sinn fosgailte ri èisteachd is co-fhaireachdainn.
  3. Tha sinn dealasach gun tèid cultar com-pàirteachais a thoirt air adhart air Ghàidhealtachd – aig ìre phearsanta agus bhunaiteach.
  4. Tha sinn dealasach air a bhith nar luchd-tagraidh airson atharrachadh dearfach; a bhith a’ cleachdadh ar cumhachd gus dol an aghaidh ainneirt; gus buaidh a thoirt air ceistean imfhillte a thaobh dearbh-aithne agus neo-fhulangas.
  5. Tha sinn ag iarraidh àrainneachd a chruthachadh far am bi sinn a’ brosnachadh barrachd aire is mothachaidh a thaobh rogha-beatha is fèineachd.
  6. Tha sinn ag iarraidh ar diofraichean a thuigsinn agus a cheilearadh – agus ar co-dhaonnachd – rudan a tha air Ghàidhealtachd mar tha – agus ullachadh airson barrachd iomadachd san tìde ri teachd.
  7. Cruthaichidh sinn ionadan do dhaoine gus coinneachadh ri diofraichean.
  8. Aithnichidh sinn gun toir pròiseas an atharrachaidh tìde agus gu bheil seo mar rud a ghluaiseas air adhart gu mall uaireannan.
  9. Cuiridh sinn fàilte ri cainnt is còmhradh a dh’fhosglas na ghabhas dèanamh …